A’ toirt cruth air beachdan-smuain ann an OneNote

Luchdaich a-nuas an aplacaid

Luchdaich a-nuas


Cruthaich san dòigh agad fhèin

Am bi thusa a’ sgròbail smuaintean air nèapaigearan is pìosan pàipeir eile? A bheil dearg-fheum agad air faidhleadh sgiobalta? Nì OneNote feum dhut, ge be dè an dòigh agad-sa. Taidhp, sgrìobh no tarraing le saorsa mar a bhiodh agad le peann ’s pàipear. Lorg is bearr rudan on lìon airson dealbh a thoirt air do bheachdan.

Tablaid a’ sealltainn OneNote air Windows 10

Dèan obair còmhla ri duine sam bith eile

Tha an sgioba agad ag obair air iomairt mhòr ar linne. Tha do theaghlach a’ planadh clàr-bidh airson cruinneachadh mòr. Cum ri càch is ris na tha ùr, ge be càit a bheil thu.

Dealbh de chuideigin ag obair air OneNote air tablaid

Smaoinich le inc

Deiseil. Deònach. Tarraing. Chan eil feum ach air staidhleas no corrag. Sgrìobh nòta is iompaich e na theacsa às a dhèidh sin. Soillsich na tha cudromach is cuir an cèill beachdan le dathan is cruthan.

Dathan brèagha a chaidh an tarraing le peann Surface

Faigh cothrom air o àite sam bith

Eadar dà sgeul. Tha e furasta cothrom fhaighinn air an t-susbaint agad o àite sam bith, fiù ma bhios tu far loidhne. Tòisich air an laptop agad is ùraich na nòtaichean agad air an fhòn agad an uairsin. Tha OneNote ag obair air uidheam is ùrlar sam bith.

Dealbh de OneNote air IPad, iPhone is Apple Watch




Nas fhearr le Office

Tha OneNote na bhall de theaghlach Office air a bheil thu eòlach mu thràth. Sgrìobh nòtaichean stèidhichte air post-d Outlook no leabaich clàr Excel. Dèan barrachd obrach leis na h-aplacaidean Office uile ag obair còmhla.

Dealbh de thogalach oifisean

Dèan ceangal san t-seòmar-teagaisg

Thoir cruinn na h-oileanaich ann an ionad co-obrachaidh no cum taic riutha aon air aon ann an leabhraichean-nòtaichean prìobhaideach. Gun fheum air duilleagan-làimhe tuilleadh. ’S urrainn dhut leasanan a chur air dòigh is obraichean-sgoile a sgaoileadh o leabhar-lann susbaint mheadhanach.

Fàs eòlach air leabhar-nòtaichean clas

Dealbh de OneNote ga shealltainn air Surface Book